
Port adhair Bharraigh agus oidhche 'Gàidhlig ann an Cataibh'
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.
Tha port-adhair Bharraigh a’ còmharrachadh clach-mhìle gu math sònraichte, agus naoidhead bliadhna bhon a’ sgèith a' chiad itealan coimeirsealta as an eilein. Tha a' phort-adhair air leth aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, leis gum bi itealain a’ tighinn gu talamh air an Tràigh Mhòr. Tha Emma a' cluinntinn bho Aonghas Brianan MacNèill, a bhios tric a’ siubhal à Barraigh gu tir-mòr air an itealan, agus Iain Beggs, a tha ag obair mar neach-smàlaidh aig a’ phort-adhair.
Tha feasgar agus oidhche thlachdmhòr air thoiseach orra ann an Drochaid a' Bhanna a-nochd fhathast agus ceòl Gàidhlig 's ceòl na h-Èireann ri chluinntinn. Bi Donnchadh Macleòid a-measg an luchd-ciùil a tha a' gabhail pàirt, agus tha e ag innse na th'air thoiseach orrasan a cheannaich tiocaidean.
Agus mar as àbhaist air Dihaoine, tha taghadh de thrì òrain againn a tha freagradh air Ceòl na Sgeòil.
On radio
Broadcast
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal