Colbhan bho phàipearan naidheachd an deireadh sheachdain
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Iain X MacÌomhair agus Iain Caimbeul a tha an cuideachd Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa - saoil dè ghlac an aire fhèin?
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ann an còmhradh ris an Ollamh Michelle NicLeòid mu dràma Gàidhlig. Chaidh togail air a chuspair bho chionn ghoirid, aig Rannsachadh na Gàidhlig, ann an Oilthaigh Ghlaschu.
Tha 40 bliadhna bhon a chaidh eilean Hiort a' chomharrachadh mar Làrach Nàdar is Dualchas na Cruinne - a chiad àite an Alba a fhuair an aithne sin. Tha Alasdair MacEacharna a tha mion-eòlach air an Hiort ag innse mu dè a’ bhuaidh a thug seo air an eilean, thar nam bliadhnachan.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 27 Jul 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 27 Jul 202622:55BBC Radio nan Gàidheal
