Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1406

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1406. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

29 days left to listen

5 minutes

Litir 1406: Briathrachas a' Chròlaidh (1)

Nuair a bha Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh a’ dol, bha mi air mo bheò-ghlacadh leis a’ chròladh. I was captivated by the curling. Agus nach math a rinn an ceathrar fhear Albannach a bha a’ riochdachadh Bhreatainn. Bhuannaich iad bonn airgid.

Ann an Litrichean ceithir cheud, ceathrad ’s a naoi (449) agus ceithir cheud is caogad (450), dh’inns mi dhuibh mu òran Gàidhlig a bha mu chròladh. Bha e air a sgrìobhadh le fear Pòl Camshron à Blàr Athall ann am meadhan an naoidheamh linn deug.

’S e tiotal an òrain An Sguabag Bhealaidh ‘the broom brush’. Bha na Gàidheil a bha an sàs anns an spòrs a’ dèanamh an sguabagan cròlaidh de bhealaidh. Aig an taigh, gu tric bhiodh na sguabagan air an dèanamh de fhraoch. Ach chanainn gum biodh sguabag-fhraoich ro chruaidh air an deigh airson cròladh.

Anns na Litrichean eile mu chròladh, dh’inns mi dhuibh mun bhriathrachas Ghàidhlig co-cheangailte ris an spòrs. Bu mhath leam, anns an Litir seo, sin a leudachadh beagan.

An toiseach, bu chòir dhomh rudeigin a ràdh mun fhacal Ghàidhlig spèil. Tha e a’ ciallachadh ‘slip, slide, skate’. Bha mi a’ spèileadh air an lochan reòite ‘I was skating on the frozen lochan’. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig spèil a-steach don Ghàidhlig bho Albais. Ann an Albais, tha spiel a’ ciallachadh ‘any sort of game or play’. Tha e air a chleachdadh gu tric ann an co-cheangal ri cròladh. Spiel – a local game; bonspiel – a match between parishes or districts.

Feumaidh gun robh na Gàidheil a’ cluinntinn ‘spiel’ gu tric ann an co-cheangal ri cròladh agus spòrs-deighe. Thàinig e a-steach don Ghàidhlig mar spèil, ach le ciall shònraichte co-cheangailte ri deigh.

Chan eil e soilleir cò às a thàinig am facal cròladh. Tha e rudeigin coltach ri curling. Ach chanainn gur dòcha gu bheil ciall eile air. Ann am Beurla thathar a’ dèanamh dheth gur e gluasad nan clach air a bheilear a-mach leis an fhacal curling. The stones curl.

Ach tha crò ann an Gàidhlig a’ ciallachadh ‘cearcall’ – agus àite far am bi, can, caoraich no uain air an cròthadh – air an cumail còmhla. Anns an t-seann aimsir, bhiodh na cròthan-sprèidh mar bu trice cruinn. Agus, ann an cròladh, bidh na clachan air an cròthadh còmhla anns an ‘taigh’ no anns a’ ‘chuairteig’, a tha cruinn. A bheil a’ Bheurla curling air buaidh a thoirt air an fhacal Ghàidhlig cròthadh, a’ fàgail an fhacail cròladh againn? Chan eil mi cinnteach, ach bhiodh sin a’ dèanamh ciall. Agus ’s e cròlach cuideigin a bhios a’ cluich cròladh.

’S e a’ chlach as fhaisge air meadhan na cuairteig a bhuannaicheas geama. Ann am Beurla, ’s e meadhan na cuairteig ‘the tee’ no ‘pin’. Ann an Gàidhlig, a’ bhioraid. Nuair a bha daoine a’ cluich air loch reòite bhiodh botal no bioraid an sin. Chitheadh na cròlaichean, mar sin, far an robh iad ag amas.

Timcheall na bioraid, tha ‘The Button’, cearcall le leud de throigh. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Sùil na Cuairteig. Gu litreachail ‘the eye of the house’. Sùil na Cuairteig.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh: The Winter Olympics; sguabag: brush; bealaidh: broom (plant); Albais: Scots language; spòrs-deighe: ice sports a’ chuairteag: the rings i.e. an alternative name for the ‘house’; cròlach: curler; a’ bhioraid: the tee; sùil na cuairteig: the button.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: nach math a rinn an ceathrar fhear Albannach a bha a’ riochdachadh Bhreatainn: didn’t the four Scottish men who represented [Great] Britain do well; bhuannaich iad bonn airgid: they won a silver medal; dh’inns mi dhuibh mu òran Gàidhlig a bha mu chròladh: I told you about a Gaelic song that was about curling; air a sgrìobhadh le fear Pòl Camshron à Blàr Athall: written by a Paul Cameron from Blair Atholl; gum biodh sguabag-fhraoich ro chruaidh air an deigh airson cròladh: that a heather broom would be too hard on the ice for curling; chanainn gur dòcha gu bheil ciall eile air: I would say that there that it perhaps has another meaning; ann am Beurla thathar a’ dèanamh dheth gur e gluasad nan clach air a bheilear a-mach: in English it is reckoned that it is the movement of the stones that is the object; ’s e a’ chlach as fhaisge air meadhan na cuairteig a bhuannaicheas geama: it’s the stone closest to the button that wins a game; chitheadh na cròlaichean, mar sin, far an robh iad ag amas: the curlers, thus, would see where they were aiming; timcheall na bioraid, tha X, cearcall le leud de throigh: around the tee there is X, a circle which is a foot in extent.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: bidh na clachan air an cròthadh còmhla anns an ‘taigh’: the stones are gathered/confined together in the ‘house’. Is this, at least in part, the origin of the Gaelic word cròladh for ‘curling’? Gaelic literature is full of references to the use of the crò (plural cròthan or cròithean) which means a pen or enclosure, usually made of stone and often circular in shape, which was used to confine sheep or cattle.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha mi air mo bheò-ghlacadh: I was captivated, obsessed.

Broadcast

  • Yesterday13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast