Main content
This programme will be available shortly after broadcast

A' togail oirnn nuair a bhios cùisean dol ceàrr, luaidh air Penelope Keith agus na làithean saora as fheàrr a chòrd ribh riamh

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Dè na dòighean as fheàrr togail oirnn nuair a bhios cùisean dol ceàrr, ged a b' ann anns an àite-obrach, air an raon spòrs neo eile. Agus dè cho cudtromach 's a tha e gun tèid sin a theagasg do chloinn nan òige? Tha ceathrar ann an còmhradh ri Cathy mun a seo.

Chuala sinn an dè gun do chaocail an cleasaiche ainmeil Penelope Keith. Tha Carina NicLeòid a' toirt sùil air a beatha 's a toirt beachd air na chuir i ri saoghal telebhisean agus cleasachd.

Chunnaic is chuala sinn an t-seachdain’sa chaidh, agus air an deireadh sheachdain, tàirneanaich agus dealanaich a' sgoltadh nan speur, ann an diofar àitean air feadh na rìoghachd - rud a bhios a' tachairt tric ann an aimsir blàth, bruitheanach. Ach an cuala sibh riamh mu Benjamin Franklin, Aimeireaganach bhon Ochdamh Linn Deug, a rinn uimhir son cur ri ar tuigse mu dealanaich? Tha Iain MacAonghais a' ruith air cò direach a bh' ann agus dè rinn e.

Gach Dimàirt, eadar seo agus deireadh an t-samhraidh, bi sinn a' faighneachd do dh' aoighe mu na làithean-saora as fheàrr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Zena Stiùbhart ag innse mu na turais rathaid aice!

Release date:

57 minutes

Broadcasts

  • Today09:00
  • Today22:55