Main content

Beachd na Roinn Eòrpa air Breatainn, Iasgachd Bhric, agus baile Miami

'S iomadh cuspair còmhraidh air a bheil Cathy NicDhòmhnaill a' beachdachadh gach madainn. Cathy MacDonald presents on subjects from Europe's opinion of Britain to trout fishing.

Tha e duilich a chreids gu bheil deich bliadhna ann bho bhòt A' Rìoghachd Aonaichte son An Aonadh Eòrpach fhàgail. Agus 's iomadh car a thàinig sa chàirdeas eadar Breatainn is mòr-thìr na Roinn Eòrpa bhon uairsin. Ach a bheil beachd nan Eòrpach air Breatainn san fharsaingeachd air atharrachadh? Tha Mìcheil Klevenhaus sa Ghearmailt, Catrìona Zoltowska sa Spàinn, agus Aonghas MacNeacail ann an Luxembourg uile a' beachdachadh air a' cheist sa.

Air falbh bho shaoghal phoilitigs - dè a b' fheàrr na dhol a-mach le slat-iasgaich air latha brèagha samhraidh. Tha dithis a bhios a' dèanamh sin gu tric agus a' tighinn dhachaigh le na bric cuideachd còmhla ri Cathy lem beachdan fhèin air iasgachd bhric: Alasdair O' Henley agus Ruairidh MacIlleBhrath.

Agus le luchd-leantainn na h-Alba a' deanamh air Miami son a' ghèam Albannach mu dheireadh aig ìre na buidhne ann an Cupa na Cruinne, tha an sgrìobhaiche siubhail Maureen NicLeòid ag innse beagan dhuinn mun bhaile mhòr a tha sin ann am Florida. Dè bhios ro na h-Albannaich ann am baile air an d'thugar "Raon-Cluiche Ameireaga"?

23 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Last Tuesday09:00
  • Last Tuesday22:55