A' dèiligeadh ri teas na grèine ann an Sasainn, co-labhairt litreachais Albannach, agus sgrùdadh chreagan Leòdhais
Tha Cathy NicDhòmhnaill sa chathair le sùil air iomadach cuspair eadar-dhealaichte. Cathy MacDonald presents a range of topical subjects in conversation with guests.
Tha Oifis na Sìde air rabhadh a sgaoileadh ann an ceann a' deas na Rìoghachd Aonaichte airson an teas - agus h-abair gu bheil an aimsir sa a' sàrachadh gu leòr. Ach cò ris a tha e coltach dhaibhsan a tha na mheadhan? Tha Cathy NicDhòmhnall ann an còmhradh le feadhainn air feadh Shasainn.
Cluinnidh sinn cuideachd mu cho-labhairt air litreachas Albannach aig Sabhal Mòr Ostaig, a thèid a chumail thairis air an deireadh sheachdain.
Tha Pàdruig Moireasdan ann an Uibhist ag innse dha Cathy barrachd mu atharrachaidhean nam meatairean dealain agus mar a tha còir aig daoine dèanamh cinnteach gur e an seòrsa ceart a th' aca.
Agus tha Màirianna NicChoinnich a-muigh anns a' ghrian an ceann a' tuath Eilean Leòdhais, còmhla ri Aonghas Moireach, a' cluinntinn mun chreag-eòlaiche John Wilson Dougal, is na rinn e de sgrùdadh air creagan is clachan nan Eilean Siar.
Last on
Broadcasts
- Thursday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thursday22:55BBC Radio nan Gàidheal
