Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

A' cuimhneachadh air Dòmhnall MacRath nach maireann, a chaochail an t-seachdain sa chaidh. Remembering the late Gaelic singer Donald MacRae.

Air a' phrògram an-diugh tha sinn a' dèanamh luaidh air Dòmhnall MacRath nach maireann, a bhàsaich an t-seachdain sa chaidh. B' e seinneadair a bh' ann an Dòmhnall air an robh meas mòr aig an t-sluagh.

Tha Cathy NicDhòmhnaill a' cluinntinn mun dìleab phrìseil a dh'fhàg Dòmhnall againn - le cuimhneachain air òige is togail Dhòmhnaill, mar a bhiodh e a' tàladh an t-uabhas gu na taighean-seinnse is na cèilidhean aig am biodh e, agus criomagan de ghuth Dhòmhnaill fhèin a' seinn is ag innse mu bheatha,

Air aoigheachd a' cuimhneachadh air tha an t-seinneadair Cairistìona Cheanadach, a bhuineas do Sgìre nan Loch an Leòdhas; Alasdair MacIlleathain à Dùn Bheagain, a chuir eòlas air an Glaschu nuair a bha e ag obair anns a' Phark Bar, Campbell MacIlleDhuinn a chluich còmhla ris iomadach uair, agus Donaidh Dòmhnallach a bha eòlach air Dòmhnall fad iomadach bliadhna bho òige air na Lochan.

21 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 6 May 202622:50

Music Played

  • Donald Macrae

    Air M'uilinn 'S Mi 'Nam Onar

    • Gaelic Music Archive - RNG Vol 90.
    • 2.
  • Donald Macrae

    Mairi Bhaile Chro

    • Gaelic Music Archive - RNG Vol 90.
    • 5.

Broadcasts

  • Wed 6 May 202609:00
  • Wed 6 May 202622:50