
Tha am prògram seo a’ rannsachadh ìomhaigh bhodhaig agus na tha e a’ ciallachadh dha measgachadh de dhaoine. Exploring body image and what it means to different people.
Ann an saoghal a th’ air a bheò-ghlacadh le ìomhaigh agus coimeas sa bhad, tha am prògram aithriseach seo a’ rannsachadh ìomhaigh bhodhaig agus na tha e a’ ciallachadh dha measgachadh de dhaoine. Bho “filters” air na meadhanan sòisealta gu beachdan air an stiùireadh le algorithms, tha ar coltas poblach, le daoine daonnan a’ toirt beachd seachad. Tha Lauren Dòmhnallach air a bhith mothachail air ìomhaigh bhodhaig bho aois òg. Tha i ag innse a sgeulachd fhèin is i a’ gabhail cuairt sònraichte a’ coinneachadh ’s a’ còmhradh ri daoine a tha ag innse mu na h-amannan math agus dona aca. Ann an cultar a tha gu math luath air beachd a thoirt seachad air coltas, tha na sgeulachdan seo a’ foillseachadh nan daoine fhèin, fon chraiceann, a’ cur nar cuimhne gu bheil sgeulachd chudromach aig a h-uile duine.
Tha am prògram aig Lauren a’ toirt cruinneachadh de ghuthan ri chèile a tha a’ fosgladh an àirde mu na faireachdainnean aca mu an cuid bhodhaigean, ag innse mu mhisneachd, neo-mhisneachd, agus mun h-uile càil sa mheadhan. Tha na sgeulachdan aca a’ cur nar cuimhne nach eil na tha sinn a’ faicinn air an uachdar ag innse an sgeulachd air fad.
In a world obsessed with image and instant comparison, this documentary explores body image and what it means to different people. From social media filters to algorithm-driven ideals, appearance has become public - judged and endlessly measured.
Lauren McDonald has been aware of body image from a young age. She shares her own story and sets out on a journey to meet others who open up about their personal highs and lows. In a culture quick to judge what’s on the surface, these stories reveal the humanity underneath, reminding us that everybody carries a story that matters.
Lauren’s revealing documentary brings together a group of voices who open up about their relationships with their bodies, sharing honest reflections on confidence, insecurity, and everything in between. Their stories remind us that what we see on the surface never tells the whole story.
In Gaelic with English subtitles