le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na tha sinn a' cur de dh'earbsa ann an lèirmheasan air-loidhne? Cathy MacDonald asks guests just how much they trust online reviews.
'S iomadh rud a bhiosar an-diugh a' ceannachd air-loidhne, seach sna bùithtean fhèin - agus anns gach gnìomhachas, tha daoine gu math tric a' toirt sùil air lèirmheasan air-loidhne. Ach le ceistean mu cho fìrinneach is a tha cuid a làraich lèir-mheasaidh, a bheil sinn a' toirt cus suim dhaibh? Tha triùir còmhla ri Cathy le 'm beachdan fhèin air a' ghnothaich.
Cluinnidh sinn mun dealbh-chluich ciùil ùr "Flora" - mu Fhionnghal NicDhòmhnaill, a chuidich Teàrlach Òg Stiùbhart is e a' teicheadh à Alba. Ach a bheil sinn fhathast a' faicinn dealbh seann-fhasanta leanabaidh de na Gàidheil air an àrd-ùrlar? Tha Rhona NicDhòmhnaill càirdeach do na dearbh Dhòmhnallaich... is tha i air an dealbh-chluich ùr fhaicinn gus beachd a thoirt seachad air.
Tha Màiri Kidd a' toirt dhuinn a taghadh fhèin de leabhar bho thaobh-tha-muigh shaoghal litreachais na Beurla is na Gàidhlig - Alpha, nobhail-dheilbh mu fhògarraich, a chaidh fhoillseachadh ann am Frangais an-toiseach.
Bha sgioba Radio nan Gàidheal gu math duilich cluinntinn gun do bhàsaich Ailig MacAmhlaigh à Paiblesgearraidh ann an Uibhist a' Tuath, a chuir ri iomadach prògram thar nam bliadhna, agus aig an robh iomadach sgeulachd is seanchas ri innis. Mar chuimhneachan air cluinnidh sinn cuideachd sa phrògram bho Ailig fhèin a' bruidhinn ann am Facal Oirbh, sa bhliadhna 1998 - còmhla ri Flòraidh NicIlleathain nach maireann, is e a' bruidhinn air is ag atharrais air cuid de na h-eòin a bha mun cuairt orra.
On radio
Broadcasts
- Today09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today23:25BBC Radio nan Gàidheal
