Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1393
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1393. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Sunday13:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1089
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1393
Duration: 05:08
Litir 1393: Màiri NicEalair (1)
Bha mi a’ coimhead, an latha eile, air na sgeilpichean agam, airson bàrdachd na bana-bhàrd, Màiri NicEalair, à Loch Abar. Chaidh mi gu cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig on naoidheamh linn deug. Cha robh sgeul air Màiri ann. Bha i na bàrd aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis airson ceithir bliadhna fichead agus chuir sin iongnadh orm.
Chaidh mi gu leabhar eile, anns an robh cruinneachadh de litreachas Gàidhlig thairis air na ceudan. Fhuair mi lorg air dàn aig Màiri anns an leabhar sin – dàn air an robh ‘An Iarraidh Dhìomhain’ no, ann am Beurla, ‘The Vain Search’. Seo a’ chiad rann dheth:
Càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh,

Càit a bheil ìocshlaint do chridhe fo phràmh
No càit a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chràdh?
Anns an dàn seo, saoilidh mi gu bheil Màiri a’ dèanamh nàdar de dh’iomradh air a beatha fhèin, beatha a bha rudeigin dùbhlanach aig amannan. Seo an seachdamh rann dheth:
Dh’iarr mi gu fois, is gun fhois air an t-saoghal,
Is leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil,
’S bha ’chluasag ud làn de chaoin-dhuilleach nan ròs
Ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs.
Anns an Litir seo, tha mi airson innse dhuibh mu Mhàiri NicEalair, a cuid sgrìobhaidh agus a beatha. Rugadh Màiri Chamshron – oir ’s e Camshronach a bh’ innte – anns a’ Ghearasdan ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834). Bha a h-athair na fhuineadair anns a’ bhaile sin. Nuair a bha i òg, bha Màiri a’ fuireach còmhla ri a seana-phàrantan air taobh a màthar. Bha sin anns a’ Choire Bheag, baile beag air cladach a tuath Loch Iall.
Anns an dachaigh agus sa bhaile sin, bha Màiri air a bogadh ann an beul-aithris agus cànan nan Gàidheal. Fhuair i tòrr Gàidhlig san sgoil cuideachd. Cha robh an suidheachadh air a bhith cho fàbharach dhi, a thaobh cànan is cultar, anns a’ Ghearasdan.
Chaochail a h-athair nuair a bha Màiri dìreach trì bliadhn’ deug a dh’aois. Bha aig Màiri ri gluasad air ais don Ghearasdan airson taic a thoirt do a màthair. Ach bha a’ Ghàidhlig air a bonntachadh na claigeann agus cha chailleadh i i. Fad a beatha bha i aithnichte am measg nan Gàidheal airson cho glan ’s a bha a’ Ghàidhlig aice.
Ge-tà, an dèidh bàs a h-athar, cha robh cothroman matha aice a thaobh foghlam no obair. Bha i ri muinntireas greis. An uair sin, aig aois fichead bliadhna, phòs i maraiche à Earra-Ghàidheal, Iain MacEalair. Ghabh Màiri ainm-cinnidh an duine aice agus ’s ann fon ainm ‘Màiri NicEalair’ a choisinneadh i cliù mar sgrìobhadair is bàrd.
Goirid an dèidh a’ phòsaidh, cheannaich Iain bàta-carago. Bha airgead teann, agus bha Iain air falbh aig muir airson ùine mhòr. Airson bhliadhnaichean, bha Màiri a’ fuireach ann an Glaschu no anns a’ Ghearasdan fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh agus rinn i an co-dhùnadh a dhol a dh’fhuireach air bòrd an t-soithich. Sheòl i gu iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa. Agus thòisich i air dreuchd mar sgrìobhadair nuair a bha i air bòrd, mar a chì sinn san ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sgeilpichean: shelves; Màiri NicEalair: Mary MacKellar; fuineadair: baker; muinntireas: domestic service.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cha robh sgeul air Màiri ann: Mary did not appear in it; chuir sin iongnadh orm: that surprised me; cruinneachadh de litreachas Gàidhlig thairis air na ceudan: a collection of Gaelic literature over the centuries; càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh?: where is there peace and where is there quiet?; càit a bheil ìocshlaint do chridhe fo phràmh?: where is a cure for a melancholic heart?; càit a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chràdh?: where is there rest from horror and torment?; saoilidh mi gu bheil Màiri a’ dèanamh nàdar de dh’iomradh air a beatha fhèin: I reckon that Mary is making a sort of commentary on her own life; rudeigin dùbhlanach aig amannan: somewhat challenging at times; leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil: I laid my head on the fair breast of my beloved; bha ’chluasag ud làn de chaoin-dhuilleach nan ròs: that pillow was full of rose petals; ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs: but, alas, among them was the customary thorn; a’ fuireach còmhla ri a seana-phàrantan air taobh a màthar: living with her maternal grandparents; anns a’ Choire Bheag, baile beag air cladach a tuath Loch Iall: in Corriebeg, a village on the north shore of Loch Eil; air a bogadh ann an beul-aithris agus cànan nan Gàidheal: immersed in the oral tradition and language of the Gaels; cha robh an suidheachadh air a bhith cho fàbharach dhi anns a’ Ghearasdan: the situation would not have been so favourable to her in Fort William; bha a’ Ghàidhlig air a bonntachadh na claigeann agus cha chailleadh i i: Gaelic was firmly rooted in her brain (‘skull’) and she would not lose it; phòs i maraiche à Earra-Ghàidheal, Iain MacEalair: she married a mariner from Argyll, John MacKellar; a choisinneadh i cliù: that she would build a reputation; bha airgead teann: money was tight; dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh: she grew fed up of the situation; iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa: many seaports throughout Europe.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: bha i aithnichte am measg nan Gàidheal airson cho glan ’s a bha a’ Ghàidhlig aice: she was recognised among the Gaels for the purity of her Gaelic. In relation to language, the adjective glan can mean ‘pure’ or ‘uncorrupted’ but also has the sense of being accurate and authoritative.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: gun fhois air an t-saoghal: without the world experiencing rest/peace.
Broadcast
- Sunday13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.