Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1391

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1391. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

14 days left to listen

5 minutes

Litir 1391: Fear-cluig Inbhir Nis (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘town crier’? Sin an neach – fear mar bu trice – a bhiodh a’ gairm nan naidheachdan don t-sluagh ann am bailtean Bhreatainn. Tha na faclairean a’ toirt dhuinn nam faclan seo airson ‘crier’: gairmear, glaodhadair, geocair, èigheadair, gairm-ghille. Tha sgreadair ann cuideachd, ach saoilidh mi nach biodh muinntir baile sam bith ag iarraidh èisteachd ri sgreadair!

Gabhaidh mi ‘gairmear-baile’ air a leithid – an-dràsta co-dhiù. Bha iad cumanta aig aon àm air feadh Alba ach chan eil uiread ann an-diugh. Tha iad ann an-diugh dìreach airson spòrs no dibhearsan – no airson dualchas baile a chumail beò – oir chan eil feum orra tuilleadh. Faodaidh sinn an naidheachd as ùire fhaighinn air na fònaichean-làimhe againn!

Agus tha ceist agam mu na gairmearan-baile. An robh iad riamh a’ toirt nan naidheachdan as ùire don t-sluagh ann an Gàidhlig, a bharrachd air a’ Bheurla no a’ Bheurla Ghallta? Chan eil fhios a’m air sin le cinnt ach bha aon bhaile ann far an robh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de na daoine fad ùine mhòr, agus gu leòr dhiubh gun Bheurla aca. B’ e sin Inbhir Nis.

Bha mi a’ leughadh cunntas mu fhear ann an Inbhir Nis anns an naoidheamh linn deug a bha anns an dreuchd sin. B' e sin John Stephen. Bha e aithnichte mar ‘Jock’ ann am Beurla agus ‘Iain’ ann an Gàidhlig. Bha an cunntas mu a dheidhinn ann am Beurla agus bha iad a’ gabhail ‘bellman or public crier’ air. 

Agus tha seo ann am Faclair Dwelly – ‘bellman’ – ‘fear-cluig’. Tha mi an amharas gur e sin a’ Ghàidhlig a bh’ aca, ann an Inbhir Nis co-dhiù, airson ‘public crier’. Carson ‘fear-cluig’? Uill, b’ ann le bhith a’ seinn clag a bha Iain a’ glacadh aire dhaoine air an t-sràid. Tha dealbh dheth anns a’ chunntas mu dheidhinn agus tha e a’ seinn clag-làimhe. Agus ann am Beurla, dh’èirich an t-ainm cinnidh ‘Bellman’ bhon dreuchd sin. 

Anns an dealbh de dh’Iain Stephen, tha ad mhòr air a cheann agus tha còta mòr, fada, trom air. Tha ùghdar a’ chunntais ag innse dhuinn gum biodh an còta air fad na bliadhna – ann am blàths an t-samhraidh agus fuachd a’ gheamhraidh.

Cha b’ e fear-cluig a-mhàin a bh’ ann an Iain. ’S e drumair a bh’ ann cuideachd. A rèir choltais, nuair nach robh gnothach ro mhòr a’ dol, bhiodh Iain a’ seinn a chluig agus a’ gairm na naidheachd. Ge-tà, nuair a bha naidheachd mhòr chudromach ri aithris, leithid gnothach aig an riaghaltas, bhiodh Iain a’ cluich druma. Bhiodh an sgrìobhainn fhèin aig oifigear a’ bhaile. 

Nuair a bha Iain deiseil leis an druma aige, bhiodh am fear eile a’ cur daoine a-mach às an rathad gus an robh am fear-cluig anns an àite cheart – saoilidh mi taobh a-muigh Taigh a’ Bhaile. Bhiodh an t-oifigear a’ toirt na sgrìobhainn dha. Agus bhiodh Iain ag èigheachd nan naidheachdan don luchd-èisteachd.

An canadh e, ‘Hear ye, hear ye!’? No saoil an canadh e, ‘Èistibh, èistibh!’? Uill, ’s e ceist a tha sin. Agus nuair a ghabh Iain a dhreuchd ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842), bha Gàidhlig aig an ìre mhath gach dàrnacha duine ann an Inbhir Nis. Bhuineadh Iain do dh’Inbhir Nis agus, a rèir choltais – mar a chì sinn anns an ath Litir – bha Gàidhlig aige.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: fònaichean-làimhe: mobile phones; dreuchd: job, profession; fear-cluig: bellman, public crier; clag-làimhe: handbell; drumair: drummer; Taigh a’ Bhaile: The Town House [seat of local government]; a rèir choltais: apparently.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: fear mar bu trice: a man usually; a bhiodh a’ gairm nan naidheachdan don t-sluagh ann am bailtean Bhreatainn: who would call the news to the populace in the towns of Britain; saoilidh mi nach biodh muinntir baile sam bith ag iarraidh èisteachd ri sgreadair: I don’t think that the people of any town would want to listen to a screecher; gabhaidh mi ‘X’ air a leithid – an-dràsta co-dhiù: I’ll call such a thing ‘X’ – for the time being, anyway; chan eil uiread ann an-diugh: there are not so many today; dìreach airson spòrs no dibhearsan: just for fun; chan eil feum orra tuilleadh: there is no need for them anymore; a bharrachd air a’ Bheurla no a’ Bheurla Ghallta: in addition to English or Scots; tha mi an amharas: I suspect; a’ glacadh aire dhaoine air an t-sràid: capturing people’s attention on the street; dh’èirich an t-ainm cinnidh: the surname arose; tha ad mhòr air a cheann agus tha còta mòr, fada, trom air: there is a large hat on his head and he is wearing a large, long, heavy coat; ann am blàths an t-samhraidh agus fuachd a’ gheamhraidh: in the warmth of summer and the cold of winter; nuair nach robh gnothach ro mhòr a’ dol: when there wasn’t something too important happening; leithid gnothach aig an riaghaltas: such as a government matter; bhiodh an sgrìobhainn fhèin aig oifigear a’ bhaile: a town officer would have the document; bhiodh Iain ag èigheachd nan naidheachdan don luchd-èisteachd: Jock would shout the news to the listeners; no saoil an canadh e, ‘Èistibh, èistibh!’?: or would he perhaps say, ‘Listen, listen!’?; bhuineadh Iain do dh’Inbhir Nis: Jock belonged to Inverness.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: bha Gàidhlig aig an ìre mhath gach dàrnacha duine ann an Inbhir Nis: pretty much every second person in Inverness had Gaelic. I might have said an dàrna leth de mhuinntir Inbhir Nis ‘half of the people of Invernessor leth dhen bhaile ‘half of the town’. My reckoning is that the town of Inverness lost its Gaelic-speaking majority over the first three or four decades of the 19th century (much earlier than most surrounding rural areas).

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: b’ ann le bhith a’ seinn clag: it was by ringing a bell.

Broadcast

  • Sun 15 Mar 202613:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast