còmhla ris an Urr Calum MacLeòid
Seirbheis còmhla ris an Urramach Calum Macleòid bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by retired Free Church of Scotland minister, Rev Calum MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 36: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an Ionad nan Seann Daoine ann an Leòdhas
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac
Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach.
Leughadh: Salm 32
Ceann-teagaisg: Salm 32: 1
Leig an t-Urr Calum MacLeòid dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Shiaboist aig deireadh 2023. B' e Moderàtair na h-Eaglaise Saoire aig an àrd-sheanadh an-ùiridh.
'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhàgail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bh' air mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar a th' air an-diugh.
Thàinig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na 70an. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an Sgoil Shàbaid, na dheacon agus an uair sin na èildeir anns a' choitheanal.
Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhàg e BT ann an 1997 agus chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dàmhair 2000 far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd aig deireadh 2023.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, rud nach bi a' tachairt ro thric, 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagal, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd agus sgrìobhadh.
Last on
Broadcasts
- Sun 8 Mar 202609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Mar 202615:00BBC Radio nan Gàidheal
