Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S e an seinneadair Torcuil MacLeòid cèiliche na seachdain. Singer Torcuil MacLeod, originally from Ranish and brought up in Glasgow, is Cathy's guest this week.

Tha a' ghriùthlach a' sgapadh ann an sgoiltean ear-thuath Lunnainn - galair a bha gu leòr an dùil a bha air teirig ann am Breatainn. Ach carson a tha e air tilleadh, agus a bheil e na adhbhar-iomagain? Tha an Dr Sìne Dixon ga mhìneachadh dha Cathy.

Cluinnidh sinn cuideachd mu mar a tha am pailteas phrògraman air seirbheisean craolaidh didseatach an dèidh cuid fhàgail a' gearain - agus a' chompanaidh HBO a' gealltainn nas lugha de phrògraman, ach prògraman nas fheàrr, fhoillseachadh air an t-seirbheis aca fhèin. An tèid aca air? Cluinnidh sinn beachdan bho thriùir air a' ghnothaich.

Agus 's e Torcuil MacLeòid, a bhuineas do Sgìre nan Loch an Leòdhas ach a chaidh a thogail an Glaschu, is a tha a' fuireachd ann an Steòrnabhagh, ar cèiliche an t-seachdain sa. Cluinnidh sinn mu bheatha is mu shaoghal, eadar seinn, obair, bàrdachd, agus na tha ga chumail trang na làithean sa.

57 minutes

Last on

Wed 18 Feb 202622:25

Broadcasts

  • Wed 18 Feb 202609:00
  • Wed 18 Feb 202622:25