Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba sgìr' Ùige agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland parish of Uig and Bernera.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus 's e Aonghas MacGillEathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, sgìr' Ùige
Salm 43: 3-3 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear
Salm 90: 15-16 air fonn London New agus 's e Iain MacDhunlèibhe a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn

Leughadh: Salm 102
Ceann-teagaisg: Salm 102

Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.

Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùige is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.

B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh a bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh aig an àm.

Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca, Teàrlach.

30 minutes

Last on

Sun 15 Feb 202615:00

Broadcasts

  • Sun 15 Feb 202609:00
  • Sun 15 Feb 202615:00