
le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar as urrainn dhuinn àm na Nollaig a chumail saor? How can we keep costs down at Christmas time? Cathy MacDonald hears some cost-cutting tips for the festive season.
Tha ainm dearbhte a-nise aig pàrtaidh ùr Jeremy Corbyn agus Zarah Sultana - dithis bhall-pàrlamaid a b' àbhaist a bhith air làimh-chlì a' Phàrtaidh Làbaraich. 'S e Your Party an ainm a th' aca orra fhèin - ach dè na riaghailtean a bha an cois ainm a thaghadh, agus dè na h-ainmean nach eil ceadaichte? Le sin agus tuilleadh mun phàrtaidh fhèin tha am fear-naidheachd Murchadh MacLeòid nar cuideachd.
Cha bheag na th' againn ri chosg mun àm sa dhen bhliadhna - eadar preusantan Nollaig, diathadan, is na preasan a chumail làn airson buill-teaghlaich a' tilleadh dhachaigh. Ciamar a thèid againn air na cosgaisean a chumail sìos? Tha Cathy a' cluinntinn bho chuid mu na tha iadsan a' dèanamh gus prìsean a chumail ciallach, is a' sporran a chumail fallain.
Tha Donna NicLeòid ag innse dhuinn mun dealbhaiche-fasan Pam Hogg nach maireann, a bhuineadh do dh' Alba.
Agus tha Màrtainn Mac a' Bhàillidh ag innse dhuinn mun a' leabhar neo-fhicsean a mholadh e fhèin do dhaoine leughadh neo fhaighinn mar thiodhlac Nollaig: Somhairle MacGill-Eain – Na Bhriathran Fhèin, air a dheasachadh le Jo NicDhòmhnaill, Màiri Sìne Chaimbeul, agus Iseabail NicGill-Eain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 2 Dec 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 2 Dec 202522:25BBC Radio nan Gàidheal