
Uibhist a' Deas 's Beinn na Faoghla
Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Beinn a' Bhadhla agus Uibhist a Deas a tha e a' tadhal.
Aig toiseach cùis cluinnidh sinn Bill Innes 's e a' tighinn a-steach a Bharraigh le plèana.
Tha Mòr Chaimbeul à Frobost ann an còmhradh ri Eoghainn Mac a' Phì ann an 1960 's i ag innse mar a dh'fhalbh i air mhuinntearas aig aois 20 bliadhna, timcheall air 1888.
Gheibh sinn sgeulachd Àirigh na h-Aon Oidhch' bho Phàdraig MacCarmaig à Hacleit am Beinn na Faoghla agus eachdraidh an òrain, Thàinig Maor na mo Dhàn, agus agus an t-òran air sheinn le Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein às an Ìochdair.
Agus tha pàirt de Dhuan na Muilcheartaich aig Aonghas MacIllFhialain à Airigh a' Mhuilleann.
Cluinnidh sinn cuideachd 'Dè nì mi gun Lèine Ghlan' aig Iain Pheadair agus Iain Ruadh Phàdraig, 'Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh' air a sheinn le Alasdair Boidhd agus Seonaidh Roidein a' cluich Under The Bridges of Paris air a' phìob.
Last on
Broadcasts
- Mon 3 Nov 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Nov 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Nov 202509:30BBC Radio nan Gàidheal