Còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin
Seirbheis còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin, Eaglais Reul na Mara, Bàgh a' Chaisteil, Barraigh. Gaelic service with Fr John P MacKinnon, Our Lady Star of the Sea, Castlebay.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn A Thighearna Dhia, A Thighearna Seall Dhomh do Dhòighean agus Seinnibh don Tighearna
Anna Nic na Ceàrdaich a’ seinn Dhìt Pileat Gu Bàs Thu
Sgoilearan Sgoil Lionacleit a’ seinn Tha sinn seasamh aig an t-Soisgeul
Còisir Eaglais Naomh Peadair a’ seinn An Crann Ceusaidh
Leughaidhean:
A’ chiad leughadh: Isaiah 50: 4-7
An dàrna leughadh: Philipianaich 2: 6-11
Soisgeul: Mata 21: 1-11
Rugadh Mgr Iain Pòl ann an Dalabrog an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail san sgìre sin gus an robh e 18. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Dhalabroig agus ann an Sgoil Lionacleit.
Bha ùidh riamh aige ann an obair na sagartachd agus bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine an sàs ann an gnothaichean na h-eaglaise na òige. Aig 18, rinn e co-dhùnadh gur e seo an t-slighe a bha e airson a leantainn agus chaidh e do Cholaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Salamanca san Spàinn airson trèanadh. Bha Mgr Iain Pòl 7 bliadhna san Spàinn mus tàinig e a-mach na shagart air 24 Ògmhios 1999, agus ghabh e a bhòidean san eaglais far an deach a thogail, Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog.
Bha Mgr Iain Pòl stèidhichte aig Eaglais Naomh Moire ann am Beinn a' Bhaoghla airson a' chiad 7 mìosan agus chaidh an uairsin a ghluasad gu Eaglais Naomh Mun ann an Dùn Omhain na shagart-cuideachaidh. Às dèidh 2 bhliadhna, chaidh a chuir na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire agus Calum Cille ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus cuideachd a' frithealadh pharaistean an Aghaidh Mhòir agus Bhail' Ùr nan Granndach. Chur e seachad ùine cuideachd na shagart paraiste ann am Bail' a' Chaolais mus deach a ghluasad a Bhàgh a' Chaisteil. Tha Mgr Iain Pòl an-diugh a' coimhead às dèidh na paraistean air fad a th' aig an eaglais ann am Barraigh.
Nuair a gheibh Mgr Iain Pol ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith a' cluich golf, a' leughadh, ag èisteachd ri ceòl, agus a' coimhead ball-coise. Tha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh, dualchas, biadh agus fìon na Spàinne.
Last on
Broadcasts
- Sun 2 Apr 202321:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday21:00BBC Radio nan Gàidheal
