
27/07/2021
Buaidh Achd nan Rùintean-dìomhair Oifigeil air obair luchd-naidheachd. How the Official Secrets Act affects the work of journalists.
Mar phàirt de cho-chomhairleachadh a tha ga dhèanamh le riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tha molaidhean air nochdadh gus Achd nan Rùintean-dìomhair Oifigeil atharrachadh. Dè a tha seo a' ciallachadh agus dè a' bhuaidh a bheir seo air obair luchd-naidheachd? Bidh Coinneach a' bruidhinn ri feadhainn a tha ris an obair.
A bheil na Geamannan Oilimpigeach air spionnadh a thoirt dhut gus spòrsan eadar-dhealaichte fheuchainn? Tha comhairle againn air mar as urrainn spòrs ùr fheuchainn. An-diugh, giomnastachd 's Eilidh Ghrannd ag innse mu na dòighean a th' ann pàirt a ghabhail san spòrs.
Gheibh sinn eachdraidh slighe-coise Gàrradh Offa bho Ruairidh Francis. Tha an t-slighe a’ cumail ris a' chrìch eadar Sasainn agus A’ Chuimrigh.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul ag innse mar a chaidh an iris Beano fhoillseachadh an toiseach ann an 1938.
Last on
Broadcasts
- Tue 27 Jul 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 27 Jul 202121:00BBC Radio nan Gàidheal