
06/10/2018
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan.
Local, national and international sport presented by John Morrison.
Iain Moireasdan a' coimhead air adhart ri deireadh sheachdain de bhall-coise aig ìre nàiseanta agus ionadail. Tha sgioba ball-coise Leòdhais agus na Hearadh a' cluich an aghaidh Golspie Sutherland ann an Iar chuairt dheireannach Cupa Football Times. Iomain nam ban agus bidh sgioba an Eilein Sgitheanaich a' feuchainn air an lìog nàiseanta a ghlèidheadh ‘s iad an aghaidh sgioba Bhàideanach agus Srath Spè aig Pàirce nan Laoch. Cluinnidh sinn cuideachd bho Chalum Feargasdan agus Stuart Urchadan, cluicheadairean ball-coise proifeiseanta, mun an diofar san taic a thathas a' faighinn bho Chomann Chluicheadaran Ball-coise na h-Alba seach na bhios iad a' faighinn ann an Sasainn, nuair a tha iad air an goirteachadh. MMA agus Conor MacGriogair a' sabaid Disathairne agus gu leòr eile bho 9.
Last on
Clip
Broadcast
- Sat 6 Oct 201809:00BBC Radio nan Gàidheal

