
10/11/2017
'S ì aoigh na seachdain-sa, aon de ne seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche a-riamh, Christine Primrose à Leòdhas. John is joined by Lewis-born singer Christine Primrose.
Dà uair a thìde de shàr cheòl is còmhradh còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. An t-seachdain-sa bidh Iain a' cur fàilt' air Christine Primrose - aon de ne seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche a-riamh a chur a guth air clàr. 'S ann an Càrlabhagh air taobh an iar Eilean Leòdhais a rugadh Christine NicLeòid, agus tha i air a bhith a' seinn òrain traidiseanta Gàidhlig bho bha i na nighinn bheag. Ann an 1982, nuair nach robh na bha sin de dh'ùidh aig a' mhòr-shluagh ann an ceòl Gàidhlig, nochd a' chiad chlàr aice, Àite Mo Ghàoil. Thug an cruinneachadh ùr ìnnleachdach seo, ceòl traidiseanta Gàidhlig gu aire luchd-èisteachd na b' fharsainge. Bho'n uairsin tha Christine air an cothrom fhaighinn a bhith ag obair cuide ri luchd-ciùil cliùiteach mar Bhlàr Dùghlas agus Alasdair Friseal, agus tha ì air a bhith a' seinn ann an iomadh dùthaich air feadh an t-saoghail. As t-Samhradh 2017, às dèidh ùine gun a bhith a' clàradh, dh'fhoillsich Christine - Gràdh is Gonadh - Guth Ag Aithris (Love and Loss - A Lone Voice) cruinneachadh de dh'òrain ghaoil Ghàidhlig a tha i a' seinn gun taic ciùil. Anns an Dàmhair, chaidh a h-ìnntrigeadh ann an Talla nan Laoch Ciùil Traidiseanta ann an Alba. Agus air oidhche na Nollaige am bliadhna, thèid prògram a chraoladh air BBC ALBA, ag ìnnse làn sgeòil Christine - bho Chàrlabhagh gu ruige baile mòr New York, far am bheil a mac Iain sa theaghlach nise tàmh. Cluinnidh sinn a cuid seanchas, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aice. A bharrachd air a sin, bidh measgachadh math de cheòl is òrain air a thaghadh dhuinn le Iain fhèin, a' toirt a-steach cuid de na guthan 'Country' is fheàrr a th'ann.
Last on
Clip
![]()
Mac'illeMhìcheil 101117
Duration: 03:05
Music Played
![]()
Angus MacKenzie & Kenneth MacKenzie
Skylark's Ascension / Jerry's Pipe Jig / Lisnagun / Ceannguilla
- Piob is Fidheall.
- Mabou Mines Records.
- MMRCD-001.
![]()
Jon Pardi
Cowboy Hat
- California Sunrise.
- Capitol Records Nashville.
- 0602547824448.
![]()
Pam Tillis
Don't Tell Me What To Do
- 100 Hits: Country CD3.
- Demon.
- DMG-100008.
![]()
Mickey Newbury
Why Have You Been Gone So Long?
- HEAVEN HELP THE CHILD.
- SAINT CECEILIA KNOWS.
- CEC001.
![]()
Christine Primrose
Chunnaic Mi Uam A Bheinn
- STIUIDIO OSTAIG - AON.
- SABHAL MOR OSTAIG.
- SOCD 001.
![]()
Doc Watson & Merle Watson
Mole In The Ground
- Red rocking Chair.
- Flying Fish Records.
![]()
Tompall Glaser
Loving Her Was Easier
- Loving Her was Easier.
- Rhina / Elektra.
![]()
Miranda Lambert
You Wouldn't Know Me
- The Weight of These Wings.
- Sony Music.
- 88985323052.
![]()
Chris Stapleton
Up to No Good Livin'
- From a Room: Volume 1.
- Mercury Records.
- 00602557420692.
![]()
Mathius Duplessy
Tcheren Deya
- My Mongolia.
- Absilone. Duplessy.
![]()
Hazel Dickens
I Can't Find Your Love Anymore
- O SISTER!.
- ROUNDER.
- RRCD0499.
![]()
Glen Campbell & Willie Nelson
Funny How Time Slips Away
- Adios.
- Universal Music LLC.
- B071R7P9ZP.
![]()
The Voice Squad
The Parting Glass
- Many's the Foolish Youth.
- Tara.
- TARACD-4004.
![]()
Jeannie Kendall
I wonder Where You are Tonight
- O Sister 2 - A Woman's Bluegrass Collection.
- Rounder Records.
- 11661-0506-2.
![]()
Arthur Cormack, Blair Douglas & Kathleen MacInnes
Tàladh An Iasgair
- Stay Strong.
- Ridge Records.
- RR-052.
![]()
George Jones
Settin' The Woods On Fire
- George Jones Sings Hank and Bob.
- Not Now Music.
- NOT2CD541.
![]()
Frankie Gavin, Jim Murray, Michael McGoldrick & Sharon Shannon
Billy In The Low Ground / Lost Girl
- TUNES.
- INDEPENDENT RECORDS LTD.
- IRL-023.
Broadcast
- Fri 10 Nov 201721:00BBC Radio nan Gàidheal

