Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ulan Bator gu Bayangobi

Maureen Nicleòid air turas trèana eadar Moscow agus Beijing. An-diugh gu Bayangobi. On her train journey from Moscow to Beijing, Maureen Macleod calls in at Mongolia.

Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach àit' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clàraidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach . A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.

Sa phrògram sa tha Maureen a' fàgail Ulan Bator airson tadhal air campa traideasanta ann a Bayangobi, far a bheil luchd-siubhail na dùthcha a' fuireach an a 'ger' neo 'yurt'. Tha an dòigh-beatha a' toirt buaidh mhòr oirre leis gu bheil e cho buileach eadar-dhealaichte. Tha fois agus sàmhchair an àite agus cho cudromach agus a bha, agus a tha, eich dhaibh gu h-àraid follaiseach dhi.

20 minutes

Last on

Sun 15 Jun 201414:30

Broadcasts

  • Fri 11 Apr 200811:35
  • Sat 12 Apr 200810:30
  • New Year's Day 200917:10
  • Fri 13 Jun 201411:30
  • Sat 14 Jun 201410:30
  • Sun 15 Jun 201414:30

Gallery