Staing nan aiseagan: Draghan mu bhuaidh leantainneach an Tiriodh

Iain MacAsgaill, Cathraiche Fòram Còmhdhail Thiriodh
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann an Tiriodh gur dòcha nach fhaigh cuid de ghnothachasan san eilean seachad air a' bhuaidh a thug staing nan aiseagan orra.
As t-earrach, bha CalMac ann an suidheachadh cho doirbh 's a bh' aca riamh agus troimh-chèile air lìonra nan aiseagan a' ciallachadh gun robh sreath de bhàtaichean a-mach à seirbheis.
Ged a thàinig piseach air cùisean bhon uairsin, tha a' bhuaidh ga faireachdainn fhathast am measg ghnothachasan ann an Tiriodh.
Tha bùth aig Callum Williams ann an Sgairinis agus mhothaich esan nach robh cùisean idir trang aig toiseach an t-seusan ri linn mar a bha cùisean leis na h-aiseagan.
Thàinig air airgead fhaighinn air iasad airson a' bhùth a chumail a' dol.

Callum Williams, aig a bheil bùth ann an Sgairinis
"Tha an t-iasad air tuilleadh uallaich a chur oirnn," thuirt e.
"Cha bhris e sinn ach bidh cùisean beagan nas teinne ri linn. An dà bhliadhna mu dheireadh, tha sinn air neach-obrach a bharrachd fhastadh airson seusan an t-samhraidh.
"Cha dèan sinn sin am-bliadhna. Cha tèid againn air tuarastal a bharrachd a phàigheadh."
Call mòr
Cuideachd a' fulang, tha Tiree Makery. A rèir stiùiriche na buidhne, Brodie Sim, tha iad air 30% nas lugha a reic am-bliadhna na reic iad an-uiridh.
"Bha na h-aiseagan dheth an-uiridh cuideachd ach cha robh e buileach cho dona," thuirt i.
"Rinn mi coimeas dìreach eadar saor-làithean na Càisge, a 's àbhaist a bhith gu math trang ann an Tiriodh. Bha na h-aiseagan troimh-chèile buileach an uairsin."
"Thàinig lùghdachadh de 50% air na reic sinn anns a' chola-deug sin.
"'S e cathrannas a th' annainn. Tha an t-airgead a tha sinn a' cosnadh a' dol air ais dhan choimhearsnachd airson bùithean-obrach ealain do dhaoine òga agus muinntir an eilein."
"Mar sin, tha call mar seo co-ionnan ri na cosgaisean àbhaisteach a th' oirnn thairis air sia mìosan."

Brodie Sim, Stiùriche Tiree Makery
A dh'aindeoin 's gu bheil seirbheisean aiseig air tilleadh chun na h-àbhaist, tha Cathraiche Fòram Còmhdhail Thiriodh, Iain MacAsgaill, den bheachd gu bheil e ro fhadalach do chuid de ghnothachasan
"'S dòcha nach fhaigh cuid seachad air an seo," thuirt e.
"Ged a thill an Clansman bho chionn cola-deug, 's ged a tha cùisean nas seasmhaiche a-nis, chaidh milleadh a dhèanamh.
"Bheir gnothachasan beaga gu h-àraid mìosan mus fhaigh iad seachad air an seo."
Tha dragh air luchd-gnothachais nach eil misneachd aig luchd-turais airson a thighinn dha na h-eileanan air sgàth 's nan trioblaidean a th' air a bhith ann.
Airson sin a leasachadh, tha iad ag ràdh gu bheil feum air seirbheis nas seasmhaiche.
CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
CalMac: "Tha cha mhòr an treas cuid den chabhlach air fad againn a-mach à seirbheis"
- Air fhoillseachadh7 An Giblean
"Tha sinn ag iarraidh a' Chlansman air ais sa bhad"
- Air fhoillseachadh23 An Giblean
Ann an Tiriodh, tha iarrtas anns a' choimhearsnachd airson pròiseas a thòiseachadh gus bàta ùr a cheannach dhan eilean is do Cholla.
A rèir Iain MhicAsgaill, chaidh innse dhaibh gun urrainn dhan phròiseas gus aiseag ùr fhaighinn leantainn fad ochd gu deich bliadhna. Tha e ag ràdh gu bheil sin cus ro fhada.
"Leis gu bheil an Clansman 28 bliadhna a dh' aois," thuirt e, "dh' fhaodadh i a bhith co-dhiù 38 bliadhna a dh' aois mus tèid aiseag ùr na h-àite."
"Gu sìmplidh, chan eil sin math gu leòr.
"Le na thachair leis na h-aiseagan am-bliadhna, feumaidh iad soithichean ùra a chur an àite nan seann fheadhainn anns a' bhad."
Maoin ùr aiseig ga iarraidh gun dàil
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach air a leudachadh
- Air fhoillseachadh8 An Dùbhlachd 2025
Thuirt labhraiche do ChalMac gun tug trioblaidean teicnigeach nach fhacas a-riamh roimhe droch bhuaidh air an lìonra aca air fad na bu thràithe am-bliadhna.
Ach bho mheadhan a' Chèitein, nuair a thill an MV Clansman gu slighe Thiriodh, tha seirbheis sheasmhach air a bhith ann agus 's urrainn do neach sam bith siubhal le misneachd, thuirt i.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad an dùil maoin £10m a stèidheachadh gus gnothachasan a th' air fulang a chuideachadh.
Thuirt labhraiche do CMAL, a tha an urra ri aiseagan a chumail ri CalMac, gu bheil còmhraidhean a' leantainn mun ath thrì bàtaichean ùra.
Tha an Clansman mar phàirt dhen seo agus thuirt iad gun tòisich am pròiseact nas fhaide den bhliadhna.