Pròiseact bàrdachd nàiseanta a' tadhal air Taigh Chearsabhagh

- Air fhoillseachadh
Tha am pròiseact nàiseanta 'A Poet in Every Port' gu bhith a' tadhal air Uibhist a Tuath nas fhaide den mhìos.
Tadhlaidh an leabharlann bàrdachd air Taigh-tasgaidh agus Ionad-ealain Taigh Chearsabhagh air an 16mh agus 17mh den Ògmhios.
Bidh am pròiseact, a th' air a ruith le Ionad Southbank ann an Lunnainn, a' siubhal air feadh na dùthcha.
A' stad ann an diofar àitichean, bidh e a' comharrachadh dual-chainntean agus cànain na Rìoghachd Aonaichte agus ag innse sgeulachdan coimhearsnachdan cladaich na dùthcha tro bhàrdachd.

Susannah Bolton, a bhios a' ruith bhùithean-obrach do sgoilearan
Ann an Uibhist, thèid bùithean-obrach a chumail do sgoilearan Dimàirt an 16mh còmhla ris an neach-ealain ionadail Susannah Bolton.
Diciadain an 17mh, bidh an leabharlann fosgailte dhan phoball fad an là, air taobh a-muigh Taigh Chearsabhagh.
Thuirt Stiùiriche Taigh Chearsabhagh, Sadie Young, gu bheil iadsan air an dòigh glan a bhith mar phàirt den phròiseact.
Thuirt i gu bheil àite cudromach aig cultar na Gàidhlig, bàrdachd, òrain agus litreachas ann am beatha nan eilean agus gu bheil iad a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ri Susannah agus a' choimhearsnachd.

An leabharlann bhàrdachd