Sgilean tomhais
Seòladaireachd
Gabhaidh turas mara a phlanadh le map no plana. A' cleachdadh chùrsaichean is faid thèid agad air an cùrsa a shealltainn air graf. Gabhaidh astaran is cùrsaichean nach aithne dhut a lorg bhon diagram.

Pacaigeadh
Bidh againn ri pacaigeadh ann an iomadh suidheachadh, me a' pacaigeadh bhogsaichean airson gluasad, a' pacaigeadh chointèanairean luchd airson diofar bhàtaichean no a' lìonadh aiseagan le carbadan.

Clàran prìomhachais
Tha clàr prìomhachais math 'son gnìomhan a chur ann an òrdugh nuair a bhios tu a' planadh. Tha e stèidhichte air dè na gniomhan a dh'fheumas tighinn às dèidh a chèile is dè dh'fhaodas tachairt còmhla.

Fulangas
'S e fulangas an ìre mionaideachd a tha a dhìth ann an tomhas, no an raon luachan de thomhas, ris an urrainn dhut gabhail. 'S e an comharra àbhaisteach ± (luach àireamhach).
