Catrìona NicDhòmhnaill

Catrìona NicDhòmhnaill

Rugadh Catrìona NicDhòmhnaill san Dìg, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 Dùbhlachd, 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLeòid, Murchadh Theàrlaich, agus a bhean Mòr NicFhionghain, iad le chèile às an Dìg. Bha aon phiuthar aice, Anna, agus triùir bhràithrean, Dòmhnall, Teàrlach Iain agus Murchadh a chaochail na leanabh.

Chaidh i don sgoil as an Dìg agus, nuair a dh'fhàg i aig aois 14, b' e a' chiad obair a bh' aice coimhead às dèidh cailleach ann an Cinnseaborg. Thug i greis cuideachd ag obair anns an Taigh Sheinnse, mar a bha air an taigh as an robh Oifig a' Phuist an Stafainn, nuair a bha am boireannach a b' àbhaist a bhith ann tinn airson ùine.

An uair sin chaidh i a dh'Inbhir Nis far an do chòrd e gu mòr rithe a bhith ag obair a' coimhead às dèidh seann daoine, anns a' Mayfield Home of Rest. An dèidh sin chaidh Catrìona a dh'obair ann an Oifig Puist a bha aig piuthar a màthar ann an Eilean Arainn. Nuair a chaochail a h-athair thug i mu bhliadhna aig an taigh còmhla ri a màthar.

Dh'fhalbh i an uair sin a Ghlaschu, gu bhith na banaltram ann an Ospadal Stobhill, obair a thug mòran tlachd dhi. B' ann an Glaschu, ann an 1948, a phòs i Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall nan Crannag às a' Ghlas Bheinn ann a' Stafainn. Thill iad air ais don Eilean Sgitheanach agus thog iad ceathrar de theaghlach anns a' Ghlas Bheinn - Chris Ann, Dòmhnall, Mòrag agus Murdella.

A' bruidhinn ri Angela NicFhionghain aig BBC Radio nan Gàidheal dh'innis Catrìona mar a thòisich i air dàin a dhèanamh an toiseach:

"'S ann an trì fichead 's a h-aon deug a sgrìobh mi a' chiad laoidh, àm na Nollaig. Bha mi nam shuidhe ri taobh an teine oidhche, 's mi ag èisteachd seinneadair ainmeil a' seinn laoidh a chaidh eadar-theangachadh dhan chloinn. 'S nuair a bha e ullamh thuirt mi, "O well, dhèanadh tu fhèin na b' fheàrr na siud!" Agus dìreach thàinig rud gam ionnsaigh ag ràdh "An dèan thu fhèin e?" agus dh'èirich mi is sgrìobh mi a' chiad tè, do chloinn."

Glòir do Dhia 's na h-àrdaibh
Is air an talamh sìth;
Glòir do Dhia 's na h-àrdaibh
Deagh ghean do dhaoin';
Glòir do Dhia 's na h-àrdaibh
Siud thuirt ainglean Dhè;
Glòir do Dhia, rugadh Ìos'
Ann a' stàball Bhetlèhem.

Tha Catrìona soilleir gur e gibht a tha anns an tàlant a tha aice:

"Chan e sgoilearachd, 's chan e càil sònraichte a bh' annam-s' idir, idir. 'S e gibht a bh' ann agus mar bu trice thigeadh rudeigin gam ionnsaigh.

'S tha e doirbh a ràdh ciamar a bha e tighinn gam ionnsaigh. Ceart gu leòr, ann a' searmon uaireannan thigeadh am ministear a-mach le rud a bha dhòmhsa mar gum biodh rann. Cha bhiodh e fhèin, tha mi creidsinn, a' smaoineachadh sin idir, ach bha cuimhne mhath agam an uair sin, 's chumainn cuimhne air, 's sgrìobhainn e nuair a ruiginn dhachaigh. 'S dh'obraichinn air sin an uair sin."

Ach chan eil an sgrìobhadh cho furasta aig amannan:

"'S iomadh uair a thòisichinn air rud. 'S dòcha gu faighinn dà rann, no a' dèanamh dà rann no trì, 's an uair sin bha e mar gum biodh tobar a' tiormachadh, dìreach mar gum biodh an t-uisge a' dol dheth.

'S bha e cheart cho math dhomh fhàgail. Cha dhèanainn càil dheth agus nuair a thillinn air ais ga ionnsaigh gheibhinn e.

Ach cha robh mi uair sam bith a' tòiseachadh air suidhe sìos a' feuchainn ri smaoineachadh mi fhìn air rud a dhèanamh gun rudeigin air a chùl, gun loidhne na dhà fhaighinn, no rudeigin a thogail ann an searmon. Cha robh mi uair sam bith a' tòiseachadh, 'O suidhidh mi 's feuchaidh mi ri bàrdachd a dhèanamh.' Cha robh mi dèanamh sin idir, idir."

Bha greis mhath ann mus robh fios aig duine gu robh Catrìona a' sgrìobhadh:

"A' chiad tè a chaidh a chlàradh, 's ann ann a' Record na h-Eaglais a bha i, 's chan eil fhios agamsa fhathast cò a chuir ann i. 'S chan eil fhios agam, abair bith cò a chuir ann i, ciamar a fhuair iad i."

Tha dachaigh Chatrìona sa Ghlais Bheinn a' coimhead tarsainn air Geàrrloch:

"Tha sealladh brèagha ann, gu h-àraidh nuair a tha latha math ann agus tu a' coimhead a-null gu Geàrrloch. Tha e brèagha dha-rìribh.

Ach an uair sin faodaidh an cuan a bhith gu math fiadhaich agus tha cuid is toigh leotha sin. Ach 's fheàrr leamsa e nuair a tha e ciùin, brèagha.

Rinn mi aon laoidh a' coimhead a-null tarsainn gu Geàrrloch.

An cuan, bha mi a' coimhead air, agus bha beagan ceò ann 's chan fhaicinn Geàrrloch idir ach bha fios agam gu robh e ann. 'S bha mi 'g ràdh rium fhìn, 'Well, sin mar a tha sinn a thaobh na tha air thoiseach oirnn. Tha fhios againn gu bheil e ann ach chan eil sinn ga fhaicinn, ach tha sinn a' creidsinn g' eil e ann.'"

Tha 'n cuan mun cuairt oirnn cho farsaing, dorcha,
Le doimhneachd mhòr ach tha grunn ri lorg ann;
Tha cuan a ghràidh-san gun ghrunn, gun tràghadh,
Tha meudachd buan ann, 's bi a shluagh a' snàmh ann.

Tha Catrìona air mu cheud laoidh a dhèanamh, a' mhòr-chuid ann an Gàidhlig, air cuspairean eadar-dhealaichte, ged tha prìomh chuspairean aice mar a mhìnich i fhèin:

"Ionndrainn, tha sin a' togail tòrr smuaintean agus gu h-àraidh dè a tha air thoiseach oirnn. 'S toigh leam a bhith a' sgrìobhadh mu dheidhinn sin, mas urrainn dhomh, agus trioblaidean an t-saoghail, 's mar tha feadhainn a' faighinn barrachd trioblaid na feadhainn eile, 's mar a dh'fhaodadh sin ar stiùireadh gu nithean nas aìrde.

Bidh e a' cur iongnadh orm nach eil sin a' gluasad daoine gu bhith ag ullachadh airson sìorraidheachd mhòr."

Tha seinn nan laoidhean cudromach do Chatrìona:

"Feumaidh mi an seinn mas toir mi an aire do mhearachd sam bith annta. Faodaidh mi a leughadh 's a leughadh, ach chan eil a' mhearachd a' seasamh a-mach gus a seinn mi iad. 'S chì mi an uair sin, 'O tha siud ceàrr! Chan eil siud ceart!'

Tha fuinn leithid Abba agus Harmony, a chruthaich Catrìona airson sailm, gan cleachdadh san eaglais. Rinn i Harmony greis an dèidh dha a bràthair caochladh agus dh'fhaighnich i dhan teaghlach aige dè bheireadh i air an fhonn ùr. Bha bàta aige air an robh Harmony agus sin an t-ainm a roghnaich iad.

B' e Abba a' chiad fhonn a chruthaich i, agus chuir e iongnadh oirre fhèin co às a thàinig e:

"Cha robh mi a' tuigsinn dè am fonn a bh' ann idir, 's bhithinn a' dol mun cuairt na mo cheann 's cha robh mi a' tuigsinn idir dè am fonn a bh' ann.

An uair sin thuig mi gur e fonn a bha mi fhìn air fhaighinn a bh' ann, 's tha i gu math measail, cha chreid mi. Tha na h-uibhir eile agam ach chan urrainn dhomhsa idir ceòl a sgrìobhadh no a leughadh.

Ach bha caraid math agam, chan eil e beò an-diugh, 's bhithinn-sa a' seinn an fhonn dha, 's bha esan a' cur na notes orra."

Tha Catrìona air dàin Bheurla a dhèanamh, ach chan eil i 's dòcha cho riaraichte leotha agus a tha i leis an fheadhainn Ghàidhlig:

"Tha mi a' faighinn barrachd toileachas bho bhith sgrìobhadh sa Ghàidhlig. Chan eil mi a' smaoineachadh sa Bheurla, 's cha mhotha bha mi a' leughadh a' Bhìobaill Bheurla agam mar a bha mi a' leughadh a' Bhìoball Gàidhlig."

Tha Catrìona a' faighinn toileachas bho bhith a' cluinntinn rud a chruthaich i fhèin air a chleachdadh ann an adhradh:

"Bidh e a' cur taingealachd na mo chridhe nuair a chluinneas mi iad a' seinn Abba is Harmony."

Agus a thaobh nan laoidhean:

"Bidh mi ag ùrnaigh gum biodh iad a' misneachadh seann daoine, gu bheil iad a' toirt toileachadh do seann daoine, 's bidh mi ag ùrnaigh gum biodh an òigridh ga leughadh 's gun dèan iad feum dhiubh. Chan eil fhios agam am bi, ach 's e sin mo mhiann."

Tha dà leabhar de na laoidhean aig Catrìona an clò. Dh'fhoillsich a' Stornoway Religious BookshopSgeul na Rèite ann an 1981 agus Bannan Gràidh ann an 1987.

Tha i cuideachd ri cluinntinn bho àm gu àm air BBC Radio nan Gàidheal le Smuain na Maidne.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.