An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain

B' e sin an t-Urramach Donnchadh MacIllEathain a bha na mhinisteir san Eaglais Shaor an Gleann Urchaidh agus a dh'fhoillsich an leabhar Laoidhean agus Dàin (G. Mac na Ceàrdaich, Glaschu, 1868) as a bheil Laoidhean eadar-theangaichte on Bheurla, agus Marbhrainn agus Dàin.

Air BBC Radio ann Gàidheal, air 25/02/2003, ann am prògram mu laoidhean nan naoidheamh linn deug, mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Meek an suidheachadh a bha air Ghàidhealtachd ri linn MhicIllEathain, "linn an atharrachaidh agus a' chaochlaidh". Thuirt e:

"Bha na Gàidheil thall 's a-bhos air an cur gu dùbhlan le cor na tìre agus le iarrtas bàillidh is uachdarain. Thàinig gaiseadh a' bhuntàta anns a' bhliadhna ochd ceud deug dà fhichead 's a sia, agus chunnaic iomadh ministeir dìleas a threud a' tanachadh fa chomhair a shùilean am feadh 's a bha long nan trì chrann àrda anns a' bhàgh 's i a' sgaoileadh a h-aodaich airson seòladh do thìr cèin.

Thàinig a' bhochdainn mhòr seo trì bliadhna an dèidh dealachadh nan eaglais agus is cinnteach gun tug sin fhèin smuaint air cuid.

Agus am meadhan gach riasladh bha ministearan-siubhail a' falbh air feadh na dùthcha eadar Hiort agus Peairt a' dùsgadh an t-sluaigh gu eud spioradail. Is cinnteach gur e am fear a b' ainmeile dhiubh sin an t-Urramach Eòin Dòmhnallach, Ministeir Mòr na Tòiseachd, mar a theirte ris, a bheireadh na deòir as na clachan leis cho drùidhteach 's a bha a chuid searmonachaidh.

Fo bhuaidh searmonachaidh den t-seòrsa sin bu tric a thigeadh dùsgadh a bhiodh a' lìonadh na h-eaglais, ach, an ceann beagan bhliadhnaichean, bhiodh an coitheanal air sgapadh agus bhiodh an eaglais an impis a dorsan a dhùnadh. Agus an uair sin thigeadh dùsgadh eile, is dòchas ùr, is briseadh-dùil na chois. Dùsgadh is sgapadh, sgapadh is dùsgadh. Bu chumanta an sgeul e.

Cha robh cùrsa na diadhachd dad na bu shocraiche a rèir choltais. Mus do chrìochnaich an linn bha an Eaglais Shaor i fhèin air sgaradh."

Seo an suidheachadh as an robh an t-Urramach Donnchadh MacIlleathain a' sgrìobhadh agus e tric a' dèanamh dealbh air nèamh, àite anns an robh an seasmhachd is an leantainneachd nach robh ri fhaighinn anns an t-saoghal san robh e beò.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.