Tàladh Chrìosta

Òran air a sgrìobhadh le: an t-Urr. raghnall macFhraing agus air a sheinn le: dòmhnall sutherland agus dòmhnall grannd, eileen docherty agus tony kearney agus amanda millen.

This is a song written by: an t-Urr. raghnall macFhraing and sung by: dòmhnall sutherland agus dòmhnall grannd, eileen docherty and tony kearney agus amanda millen.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo ghaol, mo ghràdh, is m' eudail thu!
Gur m' iùnntas ùr is m' aoibhneas thu!
Mo mhacan àlainn, ceutach thu!
Chan fhiù mi fhìn a bhi 'd dhàil
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlà!
Mo ghaol an cridh' tha lìont' le gràdh!
Ged is leanabh thu gun chàil
'S lìonmhor buaidh tha ort a' fàs.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

Tha mi ag altram Rìgh na Mòrachd!
'S mise màthair Dhè na Glòrach!
Nach buidhe, nach sona dhomhsa!
Tha mo chrìdhe làn de shòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

'S tu Rìgh nan Rìgh, 's tu Naomh nan Naomh,
Dia am Mac thu 's siorraidh t-aois,
'S tu mo Dhia 's mo leanabh caomh,
'S tu àrd Cheann-feadhna chinne-daonda.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

'S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt,
Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd, is eòlas.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

Hosanna do Mhac Dhaibhidh,
Mo Rìgh, mo Thighearna, 's mo Shlànaighear!
'S mòr mo shòlas bhi gad thàladh,
'S beannaichte measg nam mnài mi.
Aleluia, Aleluia, Aleluia, Aleluia.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.