Sibhs' Tha Mach À Crìosd

Òran air a sgrìobhadh le: mairead nic a' ghobhainn agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

This is a song written by: mairead nic a' ghobhainn and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sibhs' tha mach à Crìosd
Tha suaimhneach nar cadal;
Nach dùisg sibh gu ur ciall,
'S an t-sìorraidheachd cho fada.

Ma tha thu mach à Crìosd
Tha thu gun dìon, gun fasgadh,
Fosgailt' do gach gaoith
Mar maoidhean sgaoilt' sa mhachair.

'S mas sèid ort a' ghaoth tuath
Is grian dol sìos air d' fheasgar,
An dubhaireachd na h-oidch'
Cha reicear ribh an ola.

Anam thig air chuairt
A-null gu àit' na claiginn;
'S mur tuig thu dè bhios ann
Nach suidh thu sìos ri 'g amharc.

E 'g òl cupan na feirg'
Le òrdugh teann bhon Athair
Gu toileach airson a' chlann
Air crann 's a' cheann ri cromadh.

'S e chuireas fàinn' mud mheòir
'S brògan mu do chasan
'S e bheir dhut coron gràidh
'S cha tilg gu bràth a-mach thu.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.