Òran air a sgrìobhadh le: seòras duffield agus air a sheinn le: ceathrar-cheòl còisir ghàidhlig ìleach ghlaschu.
This is a song written by: seòras duffield and sung by: ceathrar-cheòl còisir ghàidhlig ìleach ghlaschu.
Seas suas, seas suas gu dìleas, O thusa shaighdeir Chrìosd;
Tog suas a' bhratach rìoghail, chan fhaod i dol sìos.
Bho bhuaidh gu buaidh gun tèid sinn, le Crìosd, ar ceannard treun,
'S gach nàmhaid fòs gun cìosnaich, 's gun rìoghaich sinn leis fhèin.
Seas suas, seas suas gu dìleas, 's ùmhlachd thoir da ghairm;
Rach suas na latha glòrmhor, do chòmhrag dhian fo d' airm.
A ghaisgich, bithibh treubhach an aghaidh nàimhdean Chrìosd,
'S ur misneach fòs gun èirich, mur gèill sibh anns an t-strì.
Seas suas, seas suas gu dìleas, 's e Crìosd e fhèin do cheann;
An gàirdean feòlmhor gèillidh, na cuir do dhòchas ann.
Cuir clogaid àrd na Slàint' ort, dèan faire 's ùrnaigh ghnàth;
'S do dhleastanas nuair a ghairmeas, bi thusa deas aig làimh.
Seas suas, seas suas gu dìleas, cha bhi a' chòmhstri buan;
An-duigh tha còmhrag gàbhaidh; a-màireach caithream bhuaidh.
Is gheibh gach gaisgeach buadhach crùn beatha mar a dhuais,
Is rìoghachd nach bi truaillidh, le Dia sna nèamhan shuas. AMEN.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.