Òran air a sgrìobhadh le: bhon bhìoball agus air a sheinn le: na còisirean agus na còisirean.
This is a song written by: bhon bhìoball and sung by: na còisirean and na còisirean.
Tha ann an Sìon feitheamh ort
moladh, a Dhè, gun dìth:
'S ann dhut a dhìolar fòs gu pailt
a' bhòid mar gheallar i.
Fuinn nan Salm
Tha an salm seo air a bhith air a seinn aig Mòdan Nàiseanta bho chionn iomadh bliadhna. Bha fuinn eile ris an cante "Fuinn Fhada" no Long Tunes (Dundee, Martyrs, Stilt agus Stornoway) ann an Còisir a' Mhoid II, ged nach robh French nam measg.
Bha fear-ciùil agus sgrìobhaiche Gearmailteach, Joseph Mainzer, ann an Alba eadar 1842-47, agus thugadh dha fuinn sailm air an sgrìobhadh sìos le fear Robert Brown. Ann a bhith sgrìobhadh nam fonn cha do dh'innis Brown ciamar a bha na pongan ri bhith air an roinn. Cha robh bar lines ann agus cha robh fiosrachadh air dè cho fada 's bu chòir dha na pongan a bhith.
Chuir Mainzer sìos na gnothaichean sin gun na fuinn fhèin a chluinntinn. Chaidh an cur an clò fon ainm The Gaelic Psalm Tunes of Ross-shire and the Neighbouring Counties, sa bhliadhna 1844.
'S e bun a bh' ann gun deach buillean troma no stresses a chur sìos anns na h-àitichean ceàrr, agus b' e Mainzer fhèin a thagh càite am biodh pong fada no pong goirid.
Seo is coireach gu bheil mar a thathas a' seinn French aig a' Mhòd cho eadar-dhealaichte ri mar a bhiodh iad ga sheinn anns na h-eaglaisean. Anns na h-eaglaisean tha e dìreach air a thogail o na pongan a chithear anns an Scottish Psalter, le na h-atharraichidhean a tha an còmhnaidh a' nochdadh ann an seinn Ghàidhlig. 'S e na fuinn a tha ann am Mainzer, Dundee, French, Stilt, Elgin, Martyrs, agus French ann am Beurla.
Rinn an sgoileir Gàidhlig, An t-Urramach Uilleam MacMhathain, prògram air fuinn nan salm don BhBC air 02/08/1955 agus seo mar a thug e an eachdraidh:
"Tha mi cinnteach gu bheil mòran ann, mar tha mi fhèin, a bhios a' cuimhneachadh uaireannan air a liuthad coitheanal brèagha a chunnaic iad a-muigh air an raon air Sàbaid comanachaidh, agus gu sònraichte air an t-seinn.
B' àbhaist do dhithis dol an ceann na seinn còmhla aig a leithid a dh'àm, nan seasamh air beulaibh a' phàillein a bh' air a chur suas dha na ministearan, agus fear mu seach aca a' cur a mach na sreatha, tha mi creidsinn chionn gu bheil e nas truime air duine leis fhèin a dhol a sheinn air a' bhlàr-a-muigh seach an taobh a-staigh de cheithir ballachan eaglaise.
Tha fuaim, mar tha fhios, a' tarraing ùine mus ruig e eadar thall 's a-bhos, agus air an adhbhar sin bhiodh an sluagh a bha air iomall a' choitheanail a' seinn na cuid mu dheireadh de aon shreath an uair a bha fear den fheadhainn a bha an ceann na seinn an deaghaidh tòiseachadh air an ath shreath a chur a-mach.
Shaoileadh duine nach cuala a leithid a-riamh gun dèanadh seo mìostadh nach bu bheag, ach, an àite sin, 's ann a bha e anabarrach taitneach dhan chluais.
Cha ruig mi leas a ràdh gu robh fuinn nan salm air an seinn anns an dòigh Ghàidhealach mar a bha iad anns a' chuid as motha de eaglaisean air feadh na Gaidhealtachd far a bheilear a' cumail sheirbheisean Gàidhlig, agus gu robh gach sreath air a cur a-mach leis an neach a bha an ceann na seinn agus an sin air a h-ath-sheinn leis a' mhòr-shluagh.
Tha eadar-dhealachadh nach gann eadar an dòigh seo agus dòigh nan Gall. Nan tigeadh coigreach on Ghalldachd agus gu suidheadh e an coitheanal mar a dh'ainmich mi, chan eil fhios agam an aithnicheadh e gur h-e fuinn air an robh e eòlach a bh' ann idir, nas lugha na gum biodh cluais ainneamh aige.
Dè is coireach an t-eadar-dhealachadh seo a bhith ann, agus dè am beachd a bu chòir a bhith againn dha thaobh? Sin na ceistean air am bu mhath leam rannsachadh anns a' chòmhradh seo, 's an dòchas gun cuir sin beagan soilleireachaidh air a' chùis, gu sònraichte dhaibhsan a bhios a' dol an ceann seinn iad fhèin, no a bhios a' cumail sgoil-fhonn.
An toiseach facal no dha mu chur a-mach na sreatha. Bha seo aca air Ghalldachd cuideachd, ach sguir iad dheth o chionn fhada. An uair a bha mòran ann nach leughadh b' e seo an aon dòigh anns am faodadh compàirt a bhith aca san t-seinn, agus dh'àithn na Diadhairean on d' fhuair sinn Leabhar Aidmheil a' Chreideimh gum biodh a leithid air a dhèanamh.
Ach tha e air aithris gun do chuir na Diadhairean Albannach na aghaidh. Bha iad a' meas, leis na bha de sgoil aig sluagh Alba, nach robh iad na eisimeil.
'S ann a' leughadh na sreatha a bhàtar an toiseach, ged a bha an lide mu dheireadh gu tric ga seinn air a' phong leis am bu chòir dhan choitheanal tòiseachadh. Ach ri ùine, co-dhiù air a' Ghàidhealtachd, thòisich an fheadhainn a bha a' cur a-mach na sreatha air an seinn air fad anns an dòigh air a bheil sinn eòlach.
A-nis, a thaobh nam fonn fhèin, 's e a' chiad nì is còir a ràdh gur e na fuinn a gheibhear air Ghalldachd a th' ann. Tha feum air seo a ràdh, a chionn leugh mi an àiteigin gur ann a thugadh an seòrsa ciùil seo bho thìr-mòr na h-Eòrpa; gur e saighdearan Gàidhealach a thug dhachaigh na fuinn an deaghaidh dhaibh a bhith san arm aig Gustavus Adolphus. Ach chan eil bonn sam bith aig an t-seanchas sin.
Tha na h-ainmeannan fhèin, French, Dundee agus an còrr, a' dearbhadh gum b' ionnan iad 's na fuinn Ghallda air tùs. Agus a-rithist, ma ghabhar beachd air prìomh phongan a' chùil, 's e sin, na pongan air a bheil a' bhuille ga leagail, chithear gur h-e na h-aon phongan a th' ann gu ìre bhig 's a gheibhear air Ghalldachd.
'S e an gnothach, ma-thà, cò às a dh'èirich na pongan eile a chuireadh mar leasachadh ris a' cheòl anns na fuinn Ghàidhlig?
Feumaidh sinn a dhol air ais beagan an eachdraidh mus faigh sinn fuasgladh na ceiste sin. Rinn an t-Ath-Leasachadh atharrachadh mòr an ceòl na h-eaglaise mar a rinn e an cùisean eile.
Chan eil mi an dùil mòran a ràdh mun cheòl a bh' ann ron Ath-leasachadh oir 's e raon mòr tha sin. Ach feumaidh sinn beachd a ghabhail air trì nithean dha thaobh.
A' chiad nì gu robh e dhen t-seòrsa far a bheil mòran a bharrachd air aon phong air a sheinn ris gach lide; an dara nì, nach robh ranntachd (bar divisions) sa cheòl. Agus an treas nì, nach e na stèidhean-ciùil (scales) air a bheil cluasan dhaoine eòlach an-diugh mar a tha major agus minor, a bhàtar a' cleachdadh, ach an fheadhainn ris an abrar na modhannan (modes).
An uair a thàinig an t-Ath-leasachadh, chan aithne dhomhsa co-dhiù a ghabh Iain Calvin agus na cinn-iùil eile gnothach ri dhà dhe na puingean a dh'ainmich mi, ach a thaobh na ciad puinge bha Calvin airson gum biodh atharrachadh ann. Bha a dhìth air nach biodh anns na fuinn a bha gu bhith air an cleachdadh san Eaglais ach aon phong fa chomhair gach lide, agus 's e sin a gheibh sinn anns na saltairean a thàinig am follais fo a ùghdarras.
Tha mi dhen bheachd gu robh dà rùn aige san amharc. Bha e airson gum biodh cuid aig a' choitheanal gu h-iomlan san t-seinn agus chan e a-mhàin còisir aig an robh àrd-ealain air ceòl, mar anns an eaglais on do dhealaich e. Uime sin, bu choir dhan cheòl a bhith furasta a sheinn.
A-rithist, nach fhaodadh mealladh a bhith sa cheòl mas e 's gu robh e tuilleadh is greadhnach? Nach robh cunnart ann gum biodh òirdhearcas a' chiùil a' togail aire dhaoine bho chiall nam briathran agus bho spiorad an adhraidh?
Bha an teagamh seo an inntinn Augustine mìle bliadhna ro linn an Ath-leasachaidh an uair a chuala e an ceòl ùr on Àird an Ear air an do thòisich Ambrose an cathair-eaglais Mhilan, agus tha mi a' creidsinn gu robh seo air aon dhe na beachdan 's an robh Calvin agus Augustine a' tighinn air a chèile.
'S e an seòrsa ciùil a bha Calvin a' moladh dhaibh ris an do ghabh Eaglais an Ath-leasachaidh an Alba. Anns na saltairean as sine a th' againn chan fhaighear ach fuinn le pong fa chomhair gach lide, agus faodar a ràdh, ged nach do leanadh ris an riaghailt seo gu mionaideach ann am fuinn a chaidh a dhealbh on uair sin, nach eil an claonadh mòr sam bith gu ruig an latha an-diugh.
A thaobh na Gàidhealtachd, chan eil an teagamh as lugha nach robh daoine an dùil an toiseach gum biodh na fuinn air an seinn sa Ghàidhlig mar sa Bheurla.
An uair a thug Seanadh Earra-Ghàidheal man aire gum biodh na sailm air an eadar-theangachadh am meadar-dhàn, dh'òrdaich iad gum biodh ochd lideachan san aon shreath agus sia san tèile los gu freagradh an t-eadar-theangachadh air na fuinn choitcheann, 's e sin na fuinn a bha rim faotainn anns na saltairean a chur an Eaglais am follais a chum feum luchd na Beurla. Agus 's e cuid dhe na fuinn sin – air tùs Dundee, French, Stilt, Elgin agus Martyrs, a chaidh a theagasg do choitheanalan Gàidhlig an uair a fhuair iad a' chiad leabhar-shalm, An Ceud Chaogad, mar a theirte ris, nan làmhan sa bhliadhna 1659.
Ach aon uair 's gun do dh'ionnsaich na Gàidheil na fuinn, 's e thachair gun do chuir iad an dreach fhèin orra agus sin an trì dòighean.
An toiseach, far nach robh anns na fuinn mar fhuaras iad, ach aon phong fa chomhair gach lide, cha b' fhada gus an robh mòran a bharrachd ann. A-rithist, rinn iad an ceòl saor bho ranntachd, far an d' fhuair iad e air a roinn air a thomhas. Agus b' e an dòigh mu dheireadh, far an robh fonn air a dhealbh a rèir stèidheachan-ciùil a bha coimheach dhaibh, bha pongan sònraichte air an atharrachadh gus co-chòrdadh ris na modhannan.
Chithear air ball gur h-e seo na trì comharran air ceòl na seann eaglaise air an tug mi iomradh cheana. Chan eil mi a' ciallachadh gun do rinn na Gàidheil seo dhan ceart dheòin. Feumaidh gun do thachair e mean air mhean gun fhaireachadh dhaibh.
Ach 's e is dòcha, nach do thachair e san aon tomhas air feadh na Gàidhealtachd air fad. Tha a h-uile coltas gur h-ann air taobh sear na Gàidhealtachd, eadar Inbhir Nis mu dheas agus Gallaibh mu thuath, a thàinig an seòrsa ciùil seo gu làn ìre.
'S e sin an cunntas a th' againn air a' chùis còrr is 26 bliadhna air n-ais, agus tha lorg againn cuideachd gun do chuireadh salmadairean, mar theirte riutha, as na dùthchannan sin do cheàrnaibh eile dhan Ghàidhealtachd, agus dha na h-Eileanan, a theagasg seinn nan salm dhan t-sluagh.
Dè an ealdhain a bha aig muinntir an taobh sear air na fuinn nach robh aig daoine eile?
Bha, 's dòcha seo, gu robh iad eòlach air a bhith a' cleachdadh seinn ann an adhradh na h-eaglaise bho chian, agus gun do lean an dualchas sin riutha.
Ro àm an Ath-leasachaidh chan fhaighte seinn ach an eaglais a' bhaile-mhòir no an cathair-eaglais, no an abaid, no am manachainn. Ann an eaglaisean eile, far nach robh cothrom air còisir a phàigheadh, dh'fheumadh iad dèanamh mar a b' fheàrr a dh'fhaodadh iad gun cheòl de sheòrsa sam bith.
Ach, eadar Inbhir Nis is Gallaibh, bha eaglaisean Inbhir Nis fhèin, Manachainn Mhic Shimidh, cathair-eaglais Rois sa Chananaich, Manachainn Rois, agus cathair-eaglais Chataibh an Dòrnach. Gheibhte ceòl annta sin.
'S cinnteach gu robh an seòrsa ciùil a bh' ann a' seirm an cluasan na muinntir a chuala e, a dh'aindeoin an Ath-leasachaidh agus na dheaghaidh, agus 's e dreach a' chiùil sin a chuir iad air fuinn nan salm.
Faodar fhaighneachd carson nach do thachair seo air Ghalldachd, far an robh am barrachd cothrom aca air a bhith cluinntinn ceòl na seann eaglaise. Bha sin aca, ach bha am barrachd cothrom aca air ceòl de sheòrsachan eile a chluinntinn cuideachd, agus a thogail à leabhraichean, agus mar sin cha robh iad cho ceangailte ri aon dòigh.
Air a' Ghàidhealtachd, 's e na modhannan a dh'ainmich mi a bha ri fhaotainn anns a h-uile seòrsa ciùil a bh' aca eadar òrain is eile, mur a robh beagan de cheòl nan clàrsairean, agus mar sin bha feadhainn dhe na pongan ann am fuinn nan salm cho coimheach dhan chluais aca 's nach gabhadh iad riutha a-muigh no a-mach, agus tha sin fìor chun an latha an-diugh.
Saoilidh mi nis gum bu chòir nì no dhà a bhith dearbhte o na thubhairt mi. An toiseach, nach e an t-aineolas idir is coireach na Gàidheil a bhith seinn fuinn nan salm anns an dòigh seo, mar a tha cuid an dùil. Tha adhbhar air, an dà chuid a thaobh ciùil agus a thaobh eachdraidh.
Nì eile bu chòir a bhith soilleir, 's e sin nach eil e iomchaidh a bhith teagasg choitheanalan aig a bheil an t-seinn seo o bheul-aithris as na leabhraichean anns am bheil na fuinn air an sgrìobhadh. 'S ann a tha na leabhraichean sin air an ciallachadh air son na dòigh Ghallda, far nach eil an t-sreath ga cur a-mach, agus far am bheil na fuinn air an seinn ann an rian ceithir-ghuthach.
Faodaidh sinn an fonn Steòrnabhagh a thogail mar eisimpleir. Tha an leabhar aig Iain MacMhathain agam, an leabhar anns an deach Steòrnabhagh a chur an clò an toiseach, agus cha do sheinn coitheanal Gàidhlig riamh am fonn mar a dhealbh esan e. Tha leasachadh phongan ga chur ris a' cheòl, agus dà phong shònraichte air an atharrachadh buileach glan a chionns gu bheil iad coimheach anns an t-seagh a dh'ainmich mi. Bhiodh e ceàrr do neach a tha dol an ceann gnothaich feuchainn ris na pongan sin a sparradh air sgoil-fhonn no coitheanal Gàidhlig.
A thaobh a leithid seo, tha cluais-chiùil mhath Ghàidhealach mòran nas earbsaiche na an rud a thogar as an leabhar. Agus chan e Steòrnabhagh an aon fhonn far am feum duine a bhith na fhaireachadh nach cuir an leabhar air seacharan e. Tha feadhainn eile ann, St David, London New, Stroudwater, Bangor, agus chan e sin uil' iad.
Carson, ma-thà, nach biodh leabhar air a chur a mach leis na fuinn ann an rian a bhiodh freagarrach do choitheanalan Gàidhlig?
Bu mhath nan gabhadh sin dèanamh ach chan eil fhios agam an gabh. Chan e an aon rian a gheibhear anns a h-uile coitheanal. Math dh'fhaoidte gun abair cuid, nan dèanadh leabhar e, gum bu mhath aon rian a bhith ann. Ach tha rud eile ann, gur gann gun gabh an ceòl seo togail à leabhar. Gabhaidh na pongan cur an sgrìobhadh, ach o nach e ceòl roinnte a th' ann, tha e eu-comasach dhan leughadair fhios a bhith aige càite bheil a' bhuille ga leagail, no dè an ùine as còir a thoirt do gach pong.
Dh'fheuchadh ris na fuinn Ghàidhlig a' sgrìobhadh uair is uair, ach seo an ceap-tuislidh. Chithear sin san leabhar a chuir am fear-ciùil ainmeil Mainzer a-mach sa bhliadhna 1844. Thug Raibeart Brown sìos pongan a' chiùil on fhear a bhiodh an ceann na seinn an eaglais Chunndainn. Tha ranntachd sa cheòl mar a tha e san leabhar ach 's e Mainzer a chuir ann e, agus, o nach cuala e riamh e air a shon fhèin, cha robh e ach ag obair air thuairmeis. Tha e a' leagail buille air mòran phongan far nach bu chòir buille bhith idir agus sin ag atharrachadh a' chiùil cho mòr 's nach leanadh coitheanal Gàidhlig sam bith e.
'S e mo bheachd-sa nach eil dòigh as fheàrr air na fuinn Ghàidhlig ionnsachadh na sgoil-sheinn, far a bheil urra mhath, aig a bheil na fuinn o bheul-aithris, gan teagasg, chan ann à leabhar, ach le beagan dhan fhonn a sheinn agus an sin an luchd-foghlam a' dèanamh mean-atharrais air, car mar a bhios na pìobairean a' togail a' chiùil-mhòir on oide-ionnsachaidh.
Saoilidh mise co-dhiù gu bheil na fuinn Ghàidhlig mòran nas ceòlmhoire na mar a tha iad aca sa Bheurla, ach tha na fuinn Ghallda nas fhasa do choitheanal an seinn gu math.
Mar as aìrde an ealain 's ann is motha an t-saothair mum toirear i gu làn ìre.
'S e an rud as miosa mun dòigh Ghàidhealaich cho doirbh 's a tha e toirt air a h-uile duine tha seinn an aon rud a dhèanamh aig an aon àm, agus sin a chionn 's nach eil ranntachd sa cheòl agus nach eil e dualach gur h-e na h-aon phongan-leasachaidh a bhios aig a h-uile neach a tha seinn. Ach gabhaidh e dèanamh gu ire mhath le dìcheall san sgoil-fhonn.
'S e dìleab luachmhor a tha sa cheòl seo, gu sònraichte a thaobh 's nach gabh e cumail air mhaireann ann an sgrìobhadh; agus on is ann mar sin a tha, ge b' e àite 's am faighear e, tha feum air gum biodh e air altram gu cùramach agus gu ceart."
Tha sinn an comain Mhòraig NicLeòid airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
A' bruidhinn ris an luchd-èisteachd aig Cèilidh nan Gàidheal an Glaschu thuirt Calum MacPhàrlain:
"Cha chreid mi nach cuala cuid agaibh samhladh air seinn nan salm air a' mhodh fhada aig a' Mhòd mu dheireadh. Air m' fhacal fìrinneach, cha chual mi fèin riamh rud a bha cho anabarrach ao-coltach ris an nì a bha e a' samhlachadh.
Bha 'n t-seinn car troimhe-chèile; chan aithnichinn air fuaim nan guth gum b' iad Gàidheil a bha seinn; agus rud a bha uile gu lèir an aghaidh spiorad na seinn bha co-sheirm ann. A thuilleadh air a sin chaidh an luchd-dreuchd an aghaidh riaghailtean a' chomuinn nuair a thug iad air lom e. Oir tha riaghailt ag ràdh, The Association shall be non-sectarian.
Cha chreid mi fèin gur e nì math a bhith dèanamh taisbeanadh de neo-adhartas ar cinnidh aon chuid mu choinneamh ar sùilean fhèin no sùilean ar coimhearsnaich. Tha an dòigh seinn sin a bhith beò gus an latha an-diugh na adhbhar-maslaidh dar cinneadh; a chionn gum bheil e a' leigeil ris gur sinne an t-aon sluagh air taobh an iar na Roinn Eòrpa aig nach eil an comas ar cànain fèin a leughadh.
Coma co-dhiù, tha e a' nochdadh gum b' urrainn dar sinnsir am fasan Gallda a leantainn gun a bhith a' leigeil às an greim air an cànain fèin. Agus mur dèan an sliochd an nì ceudna cha mhair an cànan. Chan eil mi ag ràdh gu bheil na Gàidheil uile dearmadach sa ghnothach ach tha a' mhòr-chuid gun suim deth.
Seall sibhse. 'S e is ainm oirbhse Cèilidh nan Gaidheal. An e ur beachd gum maireadh a' Chèilidh cho fada beò nam biodh i air a giùlan air a h-aghaidh a rèir na seann dòigh a tha ann o chian? Cha mhaireadh. Rinn sibhse freagarrach i don àm a th' ann. Agus tha i adhartach. Guma fad a bhios i mar sin.
Samhladh eile. Tha cuimhne aig cuid agaibh air cor na seinn mu chòig air fhichead bliadhna roimhe seo, am measg nan Gaidheal aig an taigh agus anns na bailtean mòra. Smaoinich air a cor an diugh. An saoil sibhse gun ruigeadh i an inbhe anns am bheil i gun a bhith leantainn àbhaistean ar coimhearsnach, na cinnidhean mòra.
Cha ruigeadh. Agus an àite lasachadh grèim air a' chànain a thighinn na lorg, 's e mo bharail fèin gun d' fhuair i teannachadh beag bho àrdachadh a' chiùil. An t-urram do Eaglais Chaluim Chille anns a' bhaile seo. Agus do Ghilleasbaig MacFhearghais gu sònraichte. Cha deachaidh e riamh aideachadh air cheart, meud ar comain e mar Ghàidheil do Ghilleasbaig agus do ar caraid Fionn a thaobh na rinn iad air sgath ceòl nan Gaidheal mun gann a bha neach eile air tòiseachadh air smaointinn air."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.